FaclairDictionary EnglishGàidhlig

618: Corryvreckan (1) 618: Coire Bhreacain (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Coire Bhreacain (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha àite ainmeil ann an Diùra air a bheil Cnoc an t-Sabhail mar ainm. Tha e nas aithnichte do dhaoine le dreach na Beurla air – Barnhill. Tha e ainmeil a chionn ʼs gur ann an sin a sgrìobh George Orwell an nobhail aige 1984.

Gu tuath air Cnoc an t-Sabhail tha àite ainmeil eile – Coire Bhreacain. ʼS e Coire Bhreacain an cuairt-shruth as ainmeile ann an Alba, agus an treas fear as cumhachdaiche anns an t-saoghal. Tha e gu tuath air Diùra, anns a’ chaolas eadar Diùra agus Sgarba. Tha e na chunnart do mharaichean.

Tuigidh sibh gur e whirlpool a tha mi a’ ciallachadh le ‘cuairt-shruth’. Am bi Coire Bhreacain, ge-tà, dha-rìribh a’ slugadh mharaichean? Uill, a rèir aithris a leugh mi air an eadar-lìon, rinn sgioba filmidh deuchainn. Thilg iad corp fuadain a steach a Choire Bhreacain. Bha seacaid-sàbhalaidh air a’ chorp, agus inneal-tomhais doimhneachd cuideachd.

Chaidh an corp a shlugadh leis an t-sruth agus dh’fhalbh e fon mhuir. Nuair a nochd e a-rithist air uachdar, bha e pìos air falbh. Sheall an t-inneal-tomhais doimhneachd gun robh e air a dhol sìos gu ochd ceud troigh fo uachdar na mara! Nise, tha a’ chairt-mhara agam ag innse dhomh nach eil an doimhneachd a’ dol seachad air dà cheud meatair. Ach, co-dhiù, a rèir choltais, chaidh an corp fuadain don aigeann.

Bliadhna no dhà air ais, thuirt mo mhac rium gun robh e a’ dol a shnàmh ann an Coire Bhreacain. Tha e gu math comasach a bhith a’ snàmh ann an àiteachan dùbhlanach. Ach tha Coire Bhreacain tuilleadh is dùbhlanach. Mus d’ fhuair mi cothrom ceist a chur air, thuirt e, ‘Aig àm an eadar-shruth a bhitheas e!’ Ach cha mhair an t-eadar-shruth fada. ʼS e an sruth-lìonaidh as cunnartaiche, gu h-àraidh aig àm an reothairt. Nochdaidh a’ chuairt-shruth, agus sruth-mara a tha a’ dol aig ochd mìle-mara san uair.

Tha Coire Bhreacain dìreach sia cilemeatairean air falbh bhon taigh anns an robh George Orwell a’ fuireach

.

Aon latha samhraidh, cha mhor nach do chaill an sgrìobhadair ainmeil a bheatha ann. Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu na thachair an-ath-sheachdain.

Corryvreckan (1)

English Beurla

There’s a famous place on Jura called Cnoc an t-Sabhail . People are more familiar with it in its English guise – Barnhill. It’s famous because that’s where George Orwell wrote his famous novel 1984.

North of Barnhill there is another famous place – the Corryvreckan. The Corryvreckan is the most famous whirlpool in Scotland, and the third most powerful in the world. It is north of Jura, in the narrows between Jura and Scarba. It is a danger to mariners.

You’ll understand that it’s ‘whirlpool’ I mean by ‘ cuairt-shruth’ . Does the Corryvreckan, however, really swallow mariners? Well, according to a report I read on the internet, a film crew did a test. They threw a mannequin into the Corryvreckan. It had on a lifejacket, and also a depth gauge.

The mannequin was swallowed up by the current and it disappeared under the sea. When it appeared again on the surface, it was a distance away. The depth gauge showed that it had gone down to eight hundred feet below the surface of the sea! Now, my marine chart tells me that the depth does not exceed two hundred metres. But, anyway, apparently, the mannequin went into the depths.

A year or two ago, my son told me he was going to swim in the Corryvreckan. He is very competent at swimming in challenging places. But the Corryvreckan is exceptionally challenging. Before I had a chance to question him, he said, ‘It will be at slack tide!’ But slack tide does not last long. It’s the flood tide that’s most dangerous, particularly during spring tides. The whirlpool appears, as does a sea current running at eight knots.

The Corryvreckan is only six kilometres from the house in which George Orwell was living. One summer’s day, the famous writer almost lost his life there. I’ll tell you more about what happened next week.

Coire Bhreacain (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha àite ainmeil ann an Diùra air a bheil Cnoc an t-Sabhail mar ainm. Tha e nas aithnichte do dhaoine le dreach na Beurla air – Barnhill. Tha e ainmeil a chionn ʼs gur ann an sin a sgrìobh George Orwell an nobhail aige 1984.

Gu tuath air Cnoc an t-Sabhail tha àite ainmeil eile – Coire Bhreacain. ʼS e Coire Bhreacain an cuairt-shruth as ainmeile ann an Alba, agus an treas fear as cumhachdaiche anns an t-saoghal. Tha e gu tuath air Diùra, anns a’ chaolas eadar Diùra agus Sgarba. Tha e na chunnart do mharaichean.

Tuigidh sibh gur e whirlpool a tha mi a’ ciallachadh le ‘cuairt-shruth’. Am bi Coire Bhreacain, ge-tà, dha-rìribh a’ slugadh mharaichean? Uill, a rèir aithris a leugh mi air an eadar-lìon, rinn sgioba filmidh deuchainn. Thilg iad corp fuadain a steach a Choire Bhreacain. Bha seacaid-sàbhalaidh air a’ chorp, agus inneal-tomhais doimhneachd cuideachd.

Chaidh an corp a shlugadh leis an t-sruth agus dh’fhalbh e fon mhuir. Nuair a nochd e a-rithist air uachdar, bha e pìos air falbh. Sheall an t-inneal-tomhais doimhneachd gun robh e air a dhol sìos gu ochd ceud troigh fo uachdar na mara! Nise, tha a’ chairt-mhara agam ag innse dhomh nach eil an doimhneachd a’ dol seachad air dà cheud meatair. Ach, co-dhiù, a rèir choltais, chaidh an corp fuadain don aigeann.

Bliadhna no dhà air ais, thuirt mo mhac rium gun robh e a’ dol a shnàmh ann an Coire Bhreacain. Tha e gu math comasach a bhith a’ snàmh ann an àiteachan dùbhlanach. Ach tha Coire Bhreacain tuilleadh is dùbhlanach. Mus d’ fhuair mi cothrom ceist a chur air, thuirt e, ‘Aig àm an eadar-shruth a bhitheas e!’ Ach cha mhair an t-eadar-shruth fada. ʼS e an sruth-lìonaidh as cunnartaiche, gu h-àraidh aig àm an reothairt. Nochdaidh a’ chuairt-shruth, agus sruth-mara a tha a’ dol aig ochd mìle-mara san uair.

Tha Coire Bhreacain dìreach sia cilemeatairean air falbh bhon taigh anns an robh George Orwell a’ fuireach

.

Aon latha samhraidh, cha mhor nach do chaill an sgrìobhadair ainmeil a bheatha ann. Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu na thachair an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 922

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile