FaclairDictionary EnglishGàidhlig

930: Làmh-sgrìobhainn Sìonach agus an t-Urr. Iain Ros

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Làmh-sgrìobhainn Sìonach agus an t-Urr. Iain Ros

Gaelic Gàidhlig

O chionn grunn bhliadhnaichean, sgrìobh mi agus dh’aithris mi mun Urramach Iain Ros. Bha e ainmeil mar mhiseanaraidh ann an Coirìa is Sìonaidh anns an naoidheamh linn deug. Gheibhear lorg air a’ chunntas agam ann an Litrichean dà cheud seasgad ʼs a naoi (269) agus dà cheud is seachdad (270).

Bhuineadh Ros do sgìre nam bailtean mara ann an Ros an Ear agus bha Gàidhlig aige mar chiad chànan. Bha a’ Ghàidhlig gu math làidir anns an sgìre sin aig an àm sin. ʼS dòcha gun robh a dhà-chànanas na chuideachadh dha oir fhuair e obair mar mhiseanaraidh am measg muinntir Choirìa, gu h-àraidh an fheadhainn a bha a’ fuireach ann am Manchuria a tha an-diugh mar phàirt de Shìona. Dh’ionnsaich e Coirìanais gu fileantachd ach cha b’ e sin e airson chànanan. Bha aona chànan deug aige. Bha e cho fileanta ann an Coirìanais ʼs gun do dh’eadar-theangaich e an Tiomnadh Nuadh don chànan sin.

Cha robh cùisean rèidh no furasta do mhiseanaraidhean Crìosdail ann an Sìona. Bha gu leòr dhen bheachd gun robh na miseanaraidhean a’ sparradh modhan cèin orra, agus gun robh iad mar phàirt de dh’iomairt airson na dùthchannan aca a cheannsachadh. Aig deireadh an naoidheamh linn deug bha Ar-a-mach nam Bogsairean ann. Chuir dùthchannan Siarach armailtean ann airson na Sìonaich a cheannsachadh.

Chaidh na mìltean de Chrìosdaidhean a mharbhadh anns an ar-a-mach. Chaidh an eaglais a stèidhich an t-Urr. Iain Ros a losgadh gu làr. Aig a’ cheann thall, thill Ros a dh’Alba agus chaochail e ann an Dùn Èideann. Ach tha e urramach is ainmeil ann an Coirìa is Sìona an-diugh.

Carson a tha mi a’ beachdachadh air Iain Ros? Tha, a chionn ʼs gun do lorgadh làmh-sgrìobhainn Sìonach ann an Tasglann Eaglais na h-Alba ann an Dùn Èideann o chionn ghoirid. Tha i air a bhith anns an Tasglann airson ùine mhòr. Ach ʼs ann dìreach o chionn ghoirid a chaidh a h-eadar-theangachadh.

Chaidh an làmh-sgrìobhainn a chur a-mach leis an Ìmpire Kuang Hsu an dèidh do dh’Ar-a-mach nam Bogsairean thighinn gu crìch ann an naoi ceud deug ʼs a h-aon (1901). Bha an t-Ìmpire ag iarraidh air a’ mhòr-shluagh a bhith bàigheil ri Crìosdaidhean, gum fosgladh na h-eaglaisean às ùr agus gum biodh sìth ann. Tha an làmh-sgrìobhainn gu math cudromach mar fhianais eachdraidheil air na thachair aig an àm sin.

Ach bu chòir dhuinn a bhith a’ cuimhneachadh gur dòcha nach robh Kuang Hsu a’ cur an cèill a bheachd fhèin gun cuideigin eile a bhith a’ coimhead thar a ghualainn. Bha ochd dùthchannan an sàs ann a bhith a’ ceannsachadh an ar-a-mach – Breatainn, na Stàitean Aonaichte, an Fhraing, an Ostair-Ungaire, a’ Ghearmailt, an Eadailt, an Ruis agus Iapan – agus chuir iad còrr is caogad mìle saighdear an sàs.

An dèidh an ar-a-mach, nuair a bha sìth ann, bha Iain Ros an sàs ann an còmhraidhean le Riaghaltas Shìonaidh a thaobh eaglaisean Pròstanach fhosgladh às ùr agus a thaobh airgead-dìolaidh mu choinneimh na sgrios a chaidh a dhèanamh. Mar sin, tha deagh sheans ann gur e a thug dhachaigh an làmh-sgrìobhainn seo a dh’Alba.

Bha na h-eaglaisean Pròstanach ann an Sìonaidh fosgailte an uair sin airson deicheadan, ach dhùin iad a-rithist anns na seasgadan is seachdadan. Ach ʼs e sgeul eile a tha sin.

Faclan na Litreach: fileantachd: fluency; An Tiomnadh Nuadh:The New Testament; Ar-a-mach nam Bogsairean:The Boxer Rebellion; armailtean: armies; deicheadan: decades.

Abairtean na Litreach: sgrìobh mi agus dh’aithris mi mun Urramach Iain Ros: I wrote about and reported on the Rev. John Ross; ainmeil mar mhiseanaraidh ann an Coirìa: famous as a missionary in Korea; sgìre nam bailtean mara ann an Ros an Ear: the area of the seaboard villages in Easter Ross; gu h-àraidh an fheadhainn: particularly those; a tha an-diugh mar phàirt de Shìona: that is today part of China; cha robh cùisean rèidh no furasta do mhiseanaraidhean Crìosdail: matters weren’t straightforward or easy for Christian missionaries; a’ sparradh modhan cèin orra: forcing foreign practices on them; mar phàirt de dh’iomairt airson na dùthchannan aca a cheannsachadh: as part of a campaign to subdue their countries; chaidh an eaglais a stèidhich X a losgadh gu làr: the church that X established was burned to the ground; a chionn ʼs gun do lorgadh làmh-sgrìobhainn Sìonach ann an Tasglann Eaglais na h-Alba: because a Chinese document was found in the Church of Scotland Archives ; a chaidh a h-eadar-theangachadh: that it [fem] was translated; bha an t-Ìmpire ag iarraidh air a’ mhòr-shluagh a bhith bàigheil ri Crìosdaidhean: the Emperor was wanting the people to be positive towards Christians; a’ cur an cèill a bheachd fhèin gun cuideigin eile a bhith a’ coimhead thar a ghualainn: expressing his own opinion without somebody else looking over his shoulder; chuir iad còrr is caogad mìle saighdear an sàs: they sent more than fifty thousand soldiers; airgead-dìolaidh mu choinneimh na sgrios: financial compensation for the damage; dhùin iad a-rithist anns na seasgadan is seachdadan: they closed again in the sixties and seventies; ʼs e sgeul eile a tha sin: that’s another story.

Puing-chànain na Litreach: Gheibhear lorg air a’ chunntas agam:my account is available/can be found. Gheibhear is a future passive form of the irregular verb faigh/a’ faighinn and literally means ‘will be got’, although it includes ‘can be got’. It is extremely useful eg gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air an làraich-lìn ‘more information can be obtained on the website’; gheibhear cuidhteas e air an òtrach ‘it can be got rid of at the dump’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: cha b’ e sin e airson chànanan: that wasn’t it [wasn’t the entire story] regarding languages.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 926

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean